Siuthad! Latha Dreuchdan Gàidhlig

Bho chionn ghoirid, chaidh sgoilearan Gàidhlig air clasaichean 4 agus 5 gu Siuthad!, latha dreuchdan Gàidhlig a chaidh a chur air dòigh le Leasachadh Sgilean Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.  Dh’ ionnsaich sgoilearan mar a dh’fhaodadh sgilean Gàidhlig an cuideachadh nan cuid obrach agus mun raon farsaing de chothroman cosnaidh a tha ann do dhaoine le Gàidhlig.   Bha tòrr bhuidhnean an làthair – BBC Alba, Fèisean nan Gàidheal, Poilis Alba, Stòrlann, Leasachadh Sgilean Alba, Comann na Coilltireachd agus Sabhal Mòr Ostaig nam measg.  Bha spòrs aig na sgoilearan anns na bùthan-obrach eadar-obrachail, gu h-àraid anns a’ bhothan dhealbhan agus aig àm diathaid! 

Dh’ èist sgoilearan ri òraid a rinn Christie Nicilleathain às a’ Mhanachainn.  Bha Christie na sgoilear ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich.  Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig air a’ chiad bhliadhna, chùm i oirre gu Sàr Àrd-ìre, chaidh i an uairsin gu Sabhal Mòr Ostaig agus an-diugh, tha i ag obair aig Bòrd na Gàidhlig mar Oifigear Buileachaidh nam Planaichean.

Siuthad!  Gaelic Careers Day

S4 and S5 Gaelic pupils recently attended the Siuthad! Gaelic careers event, organised by Skills Development Scotland, Highland Council, Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig.  The event provided pupils with information on the variety of ways they could use Gaelic in their future careers.  It showcased the diverse range of career options for which having Gaelic is an advantage, or is essential.  There was a wide range of organisations present, including BBC Alba, Fèisean nan Gàidheal, Police Scotland, Stòrlann, Skills Development Scotland, the Forestry Commission and Sabhal Mòr Ostaig.  Workshops provided pupils with interactive, fun activities with the photo booth, the Buzz Activity and lunch being particular highlights! 

Pupils also listened to Christie Maclean from Beauly who is a former pupil of Charleston Academy.  She too started learning Gaelic in S1, went on to achieve Advanced Higher level then studied at Sabhal Mòr Ostaig.  Christie is now the Gaelic Plans Implementation Officer at Bòrd na Gàidhlig.