Siuthad! Gaelic careers event


Chaidh sgoilearan Gàidhlig bhon dàrna bliadhna gu Siuthad!, latha dreuchdan Gàidhlig a chaidh a chur air dòigh le Leasachadh Sgilean Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig. Dh’ ionnsaich sgoilearan mar a dh’fhaodadh sgilean Gàidhlig an cuideachadh nan cuid obrach agus mun raon farsaing de chothroman cosnaidh a tha ann do dhaoine le Gàidhlig.
Am-bliadhna, bhruidhinn Julie Fowlis, an t-seinneadair ainmeil Gàidhlig. Dh’innis i dhuinn mu mar a dh’ionnsaich ise a’ Ghàidhlig agus mu na cothroman a thug Gàidhlig dhi. Tha i air cothroman a thoirt do Julie a bhith a’ siubhal agus a’ seinn air feadh an t-saoghail, a’ seinn aig Cuirm Fosglaidh Geamannan a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu agus a’ coiseachd air a’ bhrat-ùrlair dhearg ann an Hollywood ann an 2013 nuair a bha i air a’ gheàrr-liosta airson duais Oscar airson an òran a sheinn i air an fhiolm Disney, ‘Brave’.
Chaidh na sgoilearan gu bùthan-obrach air foillseachadh, na meadhanan agus foghlam nan tràth bhliadhnaichean. Cuideachd, bha iad aig bùthan-obrach le Fèisean nan Gàidheal agus Bòrd na Gàidhlig. Bha spòrs aig na sgoilearan anns na bùthan-obrach eadar-obrachail, gu h-àraid anns a’ bhothan dhealbhan!

S2 Gaelic pupils attended the Siuthad! Gaelic careers event, organised by Skills Development Scotland, Highland Council, Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig. The event provided pupils with information on the variety of ways they could use Gaelic in their future careers. It showcased the diverse range of career options for which having Gaelic is an advantage, or is essential.
The keynote speaker this year was Julie Fowlis, the multi-award winning Gaelic singer. She gave an inspiring speech about how she learned Gaelic and about the many opportunities she has had because she is a Gaelic speaker. Julie spoke about her numerous tours to countries around the world, singing at the Opening Ceremony of the Commonwealth Games in Glasgow and walking on the red carpet in Hollywood in 2013 when she was nominated for an Oscar for singing the theme song to the Disney film ‘Brave’.
Charleston pupils attended workshops on publishing, media and early years education, and workshops led by Fèisean nan Gàidheal and Bòrd na Gàidhlig. All the workshops provided pupils with interactive, fun activities with the photo booth being a particular highlight!

Ms Yvonne Gunn, Principal Teacher of Languages

Scroll to Top