Gaelic Careers Day

Dihaoine 31mh An Dàmhair, chaidh sgoilearan Gàidhlig air clasaichean 2 agus 6 gu Siuthad!, latha dreuchdan Gàidhlig a chaidh a chur air dòigh le Leasachadh Sgilean Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig. Dh’ ionnsaich sgoilearan mar a dh’fhaodadh sgilean Gàidhlig an cuideachadh nan cuid obrach agus mun raon farsaing de chothroman cosnaidh a tha ann do dhaoine le Gàidhlig.   Bha tòrr bhuidhnean an làthair – BBC, MG Alba, Fèisean nan Gaidheal, Poilis Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig nam measg. Cuideachd, bha luchd-labhairt ann bho ghnìomhachasan mar foghlam aig gach ìre, telebhisean, na h-ealain, ceòl, cùram cloinne, foillseachadh, film, rèidio, eadar-theangachadh agus dràma. Bha spòrs aig na sgoilearan anns na bùthan-obrach eadar-obrachail, gu h-àraid anns a’ bhothan dhealbhan!

 

Chaidh dealbh a thogail de na sgoilearan as sine ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich agus Alasdair MacAilein, B.P. airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba. Thug e seachad òraid mhisneachail mun t-adhartas a rinn e fhèin leis a’ Ghàidhlig on thòisich e ga h-ionnsachadh anns an oilthigh agus mar a bhios e ga cleachdadh o latha gu latha, gu proifeiseanta agus gu pearsanta.   Dh’ èist sgoilearan cuideachd ri òraid bho Kirsteen NicDhòmhnaill à Inbhir Nis, a bhios ag aithris na sìde agus nan naidheachdan air BBC Alba agus Reporting Scotland. Bhruidhinn Kirsteen mun bheairteas chothroman a tha air a bhith aice air sgàth ’s gu bheil Gàidhlig aice.

 


On Friday 31st October, all S2 Gaelic pupils and some S6 Gaelic pupils attended the Siuthad! Gaelic careers event, organised by Skills Development Scotland, Highland Council, Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig. The event provided pupils with information on the variety of ways they could use Gaelic in their future careers. It showcased the diverse range of career options for which having Gaelic is an advantage, or is essential. There was a wide range of organisations present, including the BBC, MG Alba, Fèisean nan Gaidheal, Police Scotland, the Scottish Parliament and Sabhal Mòr Ostaig, as well as many others from several industry sectors: education across all ages, television, arts, music, childcare, publishing, film, radio, translation and drama. All workshops provided pupils with interactive, fun activities with the photo booth being a particular highlight!

Senior pupils from Charleston Academy were very fortunate to be photographed with Dr Alasdair Allan, Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages, who gave an inspiring speech about how his Gaelic has improved since he began learning the language at university and the use he makes of Gaelic in everyday life, both professionally and personally. Pupils also listened to Kirsteen Macdonald, a Gaelic learner from Inverness, who is a news and weather reporter for BBC Alba and Reporting Scotland. She spoke about the wealth of opportunities she has gained through being a Gaelic speaker.

Miss Yvonne Gunn, Principal Teacher of Languages 

Scroll to Top