Learning Gaelic increases Job Opportunities

Morna Butcher from Bòrd na Gàidhlig came to speak to S3-S5/6 classes about job opportunities for Gaelic speakers. This was very useful for S3 and S4 pupils as Employability is one of the contexts studied in National 4 and 5, and Careers is a theme in the Higher course. Morna spoke of Gaelic learners, as we have here at Charleston Academy, who have made a name for themselves in the Gaelic world, particularly in the fields of media and teaching. Pupils were then tasked with making up a lesson on the colours in small groups, using a range of resources which provided a great deal of entertainment! 

Thàinig Morna Nic a’ Bhùidseir bho Bòrd na Gàidhlig a bhruidhinn ri clasaichean eadar an treas bliadhna agus an t-siathamh bliadhna mu dheidhinn cothroman cosnaidh ann an saoghal na Gàidhlig.  Bha seo air leth feumail do na sgoilearan air an treas ’s a’ cheathramh bliadhna oir ’s e Obair aon dhe na co-theacsan ann an Nàiseanta 4 agus 5 agus tha Obair cuideachd a’ nochdadh mar chuspair aig Àrd-ìre.  Bhruidhinn Morna gu sònraichte air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, mar a tha againne an seo aig Acadamaidh Bhaile Theàrlaich agus mar a tha tòrr dhiubh air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin ann an saoghal-obrach na Gàidhlig.  Leig na sgoilearan orra gur e tidsearan a bh’annta agus bha aca ri leasan air na dathan a chruthachadh ann am buidhinn – abair spòrs!

Miss Yvonne Gunn, Acting Principal Teacher of Languages

Scroll to Top