Mar sin leat, Morven!

 

Mar sin leat, Morven!

Morven

S1 Gaelic said ‘mar sin leat’ to Morven MacDonald, the S6 Study Buddy who helped and supported them throughout the year.  Morven achieved an A in Higher Gaelic last year and thought it would benefit her personally to assist in their classes each lesson this year.  It was a privilege for the young pupils to see how another pupil, who also came to Charleston Academy without any Gaelic, can progress to gain a qualification in the language at such a high level.  Morven was an exceptional role model for all.  Today, we had a party with chocolate, songs, laughter and tears.  In her speech, Morven spoke about how she appreciated the opportunity to get to know younger pupils in the school and how much she enjoyed seeing them make progress.

We wish Morven the very best of luck as she begins the next chapter of her life, studying History at Glasgow University.

Mar sin leat, Morven!


13-09-2012-10-57 098830
Morven MacDonald, 6K

An-diugh, thuirt a’ chiad bhliadhna ‘mar sin leat’ ri Morven NicDhòmhnaill, sgoilear air clas a sia a thug cuideachadh agus taic dhaibh rè na bliadhna. Shoirbhich le Morven aig Àrd-ìre an-uiridh agus shaoil i gum biodh e math dhi gu pearsanta a bhith a-staigh gach leasan am-bliadhna le clas Gàidhlig òg agus a bhith gan cuideachadh. ‘S e urram a bha ann do na sgoilearan òga a bhith a’ faicinn mar as urrainn do sgoilear eile, a thàinig gu Acadamaidh Bhaile Theàrlaich às aonais facal Gàidhlig mar a rinn iad fhèin, teisteanas mhath fhaighinn anns a’ chànan aig ìre àrd. An-diugh, bha pàrtaidh againn dhi le seòclaid, òrain, gàire agus deòir. Anns an òraid aice, bhruidhinn Morven air cho math ’s a bha e eòlas fhaighinn air sgoilearan ceann shìos na sgoile agus air cho math ’s a chòrd e rithe a bhith a’ faicinn gach neach a’ dèanamh adhartais.
Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do Mhorven is i gu bhith a’ dèanamh Eachdraidh ann an Oilthigh Ghlaschu an ceann beagan mhìosan.
Mar sin leat, Morven!

Scroll to Top