S2 Gaelic careers event

Written by Charleston Academy on . Posted in Wider Curriculum

Chaidh sgoilearan Gàidhlig bhon dàrna bliadhna gu Siuthad!, latha dreuchdan Gàidhlig a chaidh a chur air dòigh le Leasachadh Sgilean Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.  Dh’ ionnsaich sgoilearan mar a dh’fhaodadh sgilean Gàidhlig an cuideachadh nan cuid obrach agus mun raon farsaing de chothroman cosnaidh a tha ann do dhaoine le Gàidhlig.  Chuala na sgoilearan mu dheidhinn obraichean anns na meadhanan, ann am foghlam, anns na h-ealain, le buidhnean poblach mar Poileas Alba agus le buidhnean leasachaidh.  Bha e inntinneach a bhith a’ coinneachadh ri feadhainn a b’ àbhaist a bhith nan sgoilearan ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich agus a tha a-nis ag obair ann an saoghal na Gàidhig.  Tha Karen Oakley ag obair aig Fèisean nan Gàidheal, tha Christie Nicilleathain ag obair mar Oifigear Phlanaichean Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig agus thug Shannon Cowie, Tosgaire Òg na Gàidhlig 2016, seachad òraid aig toiseach an latha.  Bha spòrs aig na sgoilearan anns na bùthan-obrach eadar-obrachail agus fhuair iad cothrom bruidhinn ri Fiona a bhios a’ lìbhrigeadh prògram Bhelladrum.  Chòrd am bothan dhealbhan agus seisean Poileas Alba a bha anns an Àite Taisbeanaidh gu sònraichte riutha.

Some S2 Gaelic pupils recently attended the Siuthad! Gaelic careers event at Eden Court, which was organised by Skills Development Scotland, Highland Council, Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig. The event provided pupils with information on the variety of ways they could use Gaelic in their future careers. It showcased the diverse range of career options for which having Gaelic is an advantage, or is essential.  Pupils heard about job opportunities in the media, in education, in the arts, with public bodies such as Police Scotland and with development organisations.  It was interesting to meet some former Charleston Academy pupils including former Head Girl Karen Oakley who now works at Fèisean nan Gàidheal, Christie MacLean who works as the Gaelic Plans Implementation Officer at Bòrd na Gàidhlig and the keynote speaker Shannon Cowie who was awarded Young Gaelic Ambassador of the Year in 2016.  The different workshops provided pupils with interactive, fun activities and they got a chance to speak to Fiona, presenter of BBC Alba’s Belladrum coverage.  The photo booth and the police dog and riot gear were this year’s highlights from the Exhibition Zone.